I'll be honest, I'm still basking in the afterglow of being on the radio programme 'Beag Air Bheag' just before Christmas.
I was absolutely floored when I received a comment to the blog from a mutual Twitter contact, Alan Cameron, saying that he had transcribed the entire 26 minute interview. WHAT??!!
Yup. Here is a man of incredible patience, and incredible skill, who had taken the time to write out the entire dialogue between myself and Iain. The text follows, and I hasten to add that this is very much a work in progress. Both Alan and myself have been through it numerous times and there are still errors and omissions. Of course, there are times when what I have said has been grammatically incorrect, so sometimes the transcription will be true to the words spoken, then we'll have put better Gaelic (i.e. what I SHOULD HAVE said!) in brackets and/or red after it.
To listen to the interview as you read it,
please click on the link here.
If you spot any errors, please let me know. But in the meantime I cannot thank Alan enough for his amazing endeavours. This is yet another great aspect about learning this wonderful language - the incredible support from people you've not even met...yet.
Iain: Well, tha mi uabhasach toilichte an-diugh a ràdh gu bheil cuideigin sònraichte agam anns an stiùideo agus tha mi ag iarraidh fàilte mhòr chridheil a chur air Anndra Ditton.
Anndra: Hello Iain. Tapadh leat.
I: Ciamar a tha thu an-diugh?
A: Tha mi gu doigheil, tapadh leat. Tha mi gu doigheil.
I: Well, tha mi ag iarraidh faighneachd dhut anns a' chiad àite, cò as a tha thu?
A: Tha mi à Dover, ann an ceann a deas Shasainn.
I: Agus, mar sin, feumaidh mi faighneachd dhut, ciamar a tha cuideigin à Dover, ann an Kent, ann an sheo, a' bruidhinn ann an Gàidhlig?
A: Co-dhiù, tha mi uabhasach measail air na h-Eileanan Siar agus an Gàidhealtachd, well, co-dhiù, fad na h-Alba fhèin (‘feadh’ nas fheàrr?), agus lorg mi na h-Eileanan Siar ann an dà mhìle 's a naoi. Co-dhiù, tha mi fhathast uabhasach measail air an àite sin. Co-dhiù, nam bheachd, 's e Gàidhlig ceangal eadar àite far am bheil mi a' fuireach agus àite air am bheil mi uabhasach measail agus sin agad e.
I: Tha mi a' tuigsinn. Mar sin, tha e, ann an doigh, a' cumail beò na h-Eileanan Siar (nan Eilean Siar) dhutsa fhad 's a bhios tu a' fuireach ann an Kent ann an Dover.
A: Tha sin ceart, tha sin ceart gu leòr.
I: Agus, am faod mi faighneachd dhut, cuin a chuala tu a' Ghàidhlig an toiseach?
A: Nuair a bha mi ann an làithean-saora ann an dà mhìle 's a naoi, a' chiad t(h)uras anns na h-Eileanan Siar, bha mi ann an Beinn na Faoghla, agus aig an àm sin, bha radanan agam mar pheatachan. Tha mi a' ciallachadh 'pet rats' sa Bheurla. Agus, bha fear dhaibh tinn agus chaidh sinn don lighiche-sprèidh. Agus, ann an àite-feitheamh, chuala mi dithis a' bruidhinn na Gàidhlig agus tha sin a' còrdadh rium gu mòr. (dh’iarr mi ràdh ‘Chòrd e rium gu mòr’ ach bha mi nearbhach fhathast!) (? 2:16)
I: Agus an robh thu a' faireachdainn anns a' bhad, "Tha mise ag iarraidh a bhith a' tuigsinn dè tha iadsan ag ràdh"?
A: Aig an àm sin, smaoinich mi "Tha sin uabhasach sgoinneil, dithis anns na h-Eileanan Siar a' bruidhinn anns a' chànan, an cànan ceart." Ach, ag an àm sin, cha robh mi ag iarraidh fios agam mu dheidhinn an còmhradh seo (a' còmhraidh seo). Dìreach, (an*) fuaim na Gàidhlig, fuaim na Gàidhlig a' còrdadh rium.
I: Agus mar sin, dà mhìle 's a naoi, chuala tu a' Gàidhlig airson a' chiad uair. Cuin, ma-tha, a thòisich thu fhèin ag ionnsachadh na Gàidhlig?
A: Thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh mu dà bhliadhna gu leth air ais, ann an dà mhìle 's a trì deug, agus, bha mo (a’ , chan eil ‘mo’!) chiad tìdsear a bh' agam, b' è Muriel Urchardan, Iain. A' bheil thusa èolach oirre?
I: Tha mi air - tha mi a' cluinntinn ma deidhinn agus tha mi a' tuigsinn gu bheil i uabhasach, uabhasach math.
A: Òh, uabhasach math, uabhasach math agus tha mi uabhasach dèidheil air do bhean fhèin.
I: Bidh fàilte mhòr romhad, anns an dachaigh againne, an-còmhnaidh.
A: Òh, tapadh leat.
I: Agus mar sin, dè bh' ann a dh'atharraich, dè dh'atharraich eadar dà mhìle 's a naoi agus dà bhliadhna gu leth air ais a thug ort a bhith ag iarraidh a' Gàidhlig ionnsachadh.
A: Tha sin doirbh a fhreagairt. Bha mi a' dol dha na h-eileanan mòran thuras aig an àm sin. 'S dòcha, ceithir turas gach bliadhna agus aig an àm sin, dh'fheuch mi (ri) rudeigin cearr a lorg leis na h-eileanan agus tha i ro-fhada, agus tha an tìdsear ro-dhona ach chan eil. Gach turas a bha mi ann, bha mi measail orra gu mòr agus co-dhiu, chuala mi Gàidhlig agus leugh mi Gàidhlig air na soidhnichean agus co-dhiù, smaoinich mise "Is dòcha gum bi mi a' feuchainn (ri) Gàidhlig ionnsachadh. Dìreach aon no dhà facal." Agus sin agad e.
I: Agus cia mheud dòigh agus dè na dòighean a chleachd thu airson do Ghàidhlig a thoirt gu ìre far a bheil thu nise gu math siùbhlach anns a' Gàidhlig?
A: Tapadh leat. Cheannaich mi an leabhar "Gaelic In Twelve Weeks" aig an toiseach ach cha do chòrd e rium idir. Bha an leabhar sin ro-acadaimigeach dhomh. Chan eil mi glè acadaimigeach. Co-dhiù, lorg mi Cùrsa Inntrigidh ann an Sabhal Mòr Ostaig agus rinn mi sin còmhla ri Muriel agus chòrd e rium gu fìor, bha e uabhasach math agus an-dràsta tha mi a' dèanamh Cùrsa Adhartais agus tha tìdsear glè shnog agam Murchadh MacLeòd agus co-dhiù, tha mi a' coimhead air BBC Alba. Agus, gach latha, bidh mi ag èisteachd ri podcast Beag air Bheag agus 's e sin an rud is cudromaiche, tha mi a' smaoineachadh, glè chuideachail dhomh, ag èisteachd (ri) guthan Gàidhlig agus 's dòcha nach urrainn dhomh a h-uile càil a thuigsinn ach tha e feumail dhomh.
I: Tha e uabhasach misneachail.
A: Uabhasach misneachail agus tha deagh-charaidean cànain agam cuideachd, Mark an an Lunnainn agus Cailean ann an Dùn Dè agus bidh sinn a' cleachdadh Skype, a' bruidhinn ri còmhla (‘ri cheile’ nas fheàrr) agus tha sin uabhasach math agus tha mi ag iarraidh taing mhòr a ràdh ri mo caraidean cànain airson taic agus airson a' chuideachaidh a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig. Tha sin uabhasach math.
I: Agus dè, thairis air an dà bhliadhnaichean gu leth a dh'fhalbh, dè an dùbhlan as motha a bh' agad?
A: Bidh mòran dùbhlan ann. An dùbhlan as motha, sin nach eil mòran chothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an àite far am bheil mi a' fuireach. Feumaidh mi a dhol a dh'Alba. Agus, fiù 's ann an Alba, tha e doirbh daoine a lorg a tha deònach Gàidhlig a bhruidhinn rium. Tha mi a' smaoineachadh nach eil mòran luchd-labhairt Gàidhlig deònach Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine air nach eil iad èolach agus tha sin beagan duilich.
I: Tha sin brònach dha-rìribh. Tha mi smaoineachadh (? 8:16)??? an dràsta gum biodh e math a' cantainn ri luchd-labhairt na Gàidhlig seo a cluinntinn agus a bhith a' tuigsinn gu bheil daoine ann coltach riutsa a tha mar (? 8:27) (rudeigin mar ‘fhialaidheachd’, ‘s dòcha?) shaoghal na Gàidhlig a tha ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh agus a bhith toilichte a bhith ag èisteachd ri Gàidhlig mhath.
A: Tha sin ceart gu leòr, Iain. Tha sin ceart gu leòr. Tha mi a' dol leat. Ach, nuair a bha mi ann an Leòdhas, anns a' Chèitean, chaidh mi dhan cafaidh an seo agus chuala mi Gàidhlig air a bhruidhinn agus thuirt mise "Gabh mo leisgeul, a' bheil Gàidhlig agaibh?" agus "(fuaim iongantais...) Bha am freagairt nam cheist: ‘Tha…?’ ;) " Co-dhiù, thuirt mi, "Well, tha mise nam oileanach Gàidhlig agus tha mi a' fuireach ann an ceann a deas Shasainn, chan eil cothroman ann Gàidhlig a chleachadh, am faod mi Gàidhlig a bhruidhinn riut- ribh?" gabh mo leisgeul. Agus às dèidh sin, chan eil facal sam bith anns a' Bheurla agus bha sin math. Faodaidh sibh faighneachd "Am faod mi Gàidhlig a bhruidhinn ribh?" agus às dèidh sin, tha sin math gu leòr.
I: Fìor-mhath, fìor-mhath. Agus tha mi ag iarraidh nise faighneachd dhut, dè an obair a th' agad?
A: Mun obair agam. Tha mi ag obair pàirt-ùine airson Eurostar. 'S e manaidsear trèana a th' annam. Co-dhiù, tha mi ag obair air bòrd trèanaichean eadar Lunnainn agus Paris agus A' Bhruiseal. 'S e dreuchd iongantach a th' ann agus tha mi air a bhith an obair seo a dhèanamh fad fichead 's a dà bhliadhna, fada gu leòr, agus co-dhiù, bidh mi a' dèanamh fios-labhairt goirid ann an Gàidhlig air bòrd an trèan agus nuair a chluinneas luchd-siubhal le Gàidhlig iad, chan urrainn dhaibh a chreidsinn idir. Ach, tha uidh fiù 's ag daoine aig nach eil Gàidhlig anns a' chànan neònach a tha iad a' cluinntinn agus 's e deagh-chothrom còmhradh a thoiseachadh còmhlà ris na luchd-siubhal air bòrd an trèana agam agus tha e math airson mothachadh a dhùisgadh sa Gàidhlig cuideachd.
I: Mar sin, eadar Sasann agus An Fhraing agus A’ Bheilg, bidh thusa a' cur sanas a-mach ann an Gàidhlig air an trèan agus bidh daoine ga chluintinn fhad 's a tha iad nan suidhe air an turas. Tha mise a' smaoineachadh gu bheil smuain ann an sheo airson trèanaichean ann an Alba. Carson nach eil an aon rud air a dhèanamh ann an Alba le sanasan Gàidhlig?
A: Carson nach eil? Carson nach eil? Mura bidh obair ann an Scotrail (bha mi airson ràdh 'Nam biodh obair...', tha mi airson an aon dreuchd a dhèanamh ann an Gàidhealtachd!), eadar, mar eisimpleir, An Gearasdan agus Mallaig, bidh mi ceart gu leòr…
I: Nise, thuirt thu na bu tràithe gu bheil thu air a bhith ag obair dhaibhsan airson dà fhichead bliadhna. Mar sin, an robh obair eile agad roimhe sin?
A: Ro laimh, bha mi ag obair air bòrd bàta-aiseig eadar Dover agus Calais agus 's fhearr leam a bhith air bòrd an trèan.
I: An e seo an obair as fhearr a tha a' còrdadh riut...?
A: Òh 's e. An obair an-dràsta ag Eurostar, 's e an obair as fhearr leam gu dearbh fhèin. 'S e an (t-)adhbhar a tha mi an seo fad fichead 's a dà bhliadhna.
I: Tha sin math. Well, tha mise a' smaoineachadh gur e duine uabhsach inntinneach a th' annad ach an innis thu dhomhsa, 's dòcha rudeigin a tha thusa a' smaoineachadh a tha inntinneach or eadar-dhealaichte mu do dheidhinn fhèin?
A: Rudeigin eadar-dhealaichte...tha mi uabhasach measail air mo mhotarbaidhg agus 's toigh leam a bhith air an rathad air. Agus, tha cù agam cuideachd. 'S e Dùghall an t-ainm a th' air. Agus, tha mi a' cur Dùghall còmhla rium, nuair a tha mi air mo mhotorbike. 'S e Jack Russell a th' ann. Chan eil e ro-mhòr agus tha Dùghall nam (na) shuidhe nam bhaga-dhroma agus speuclan sònraichte aige. Agus tha esan air a dhòigh nuair a tha e air a mhotar còmhla riumsa air an rathad.
I: Agus am bi na cluasan aige a' placadaich?
A: Chan e. Tha Dùghall a' cur ad - tha speuclan agus ad aige.
I: Agud dè an aois a tha Dùghall?
A: Tha Dùghall ceithir bliadhna a dh'aois.
I: Agus a-mach às a h-uile facal a dh'ionnsaich thu thairis air an dà bhliadhna gu leth mu dheireadh, bheil aon fhacal Gàidhlig ann a tha sònraichte, blasta agus tlachdmhor dhut neo a' bheil seann-fhacal agad a tha sònraichte. a tha misneachail, a tha a' còrdadh riut gu mòr?
A: Am facal as fhearr leam, 's e am facal 'cianalas'. Chan eil eadar-theangachadh ceart anns a' Bheurla. Tha cianalas uabhasach nas làidire na homesickness no longing, agus 's e sin facal uabhasach fìor-Ghàidhlig a th' ann. Co-dhiù, tha mise a' faireachdainn rudeigin mar chianalas nuair a dh'fhàgas mi na h-eileanan agus ma tha mise a' faireachdainn rudan mar sin, dè mu dheidhinn daoine às na h-eileanan fhèin? Ciamar a tha iad a' faireachdainn nuair a dh'fhàgas iad na h-eileanan?
I: Facal fìor-mhath a tha sin. Agus tha thu cho ceart 's a ghabhas. Tha 'cianalas' fada nas làidire na mìneachadh Beurla riamh a chuala mise.
A: Tha sin ceart.
I: Tha mi ag aontachadh leat. Fada nas làidire. Agus, bha mi ag iarraidh faighneachd dhut cuideachd, tha e follaiseach gu bheil gaol agad air a' Ghàidhlig; gaol mòr uabhasach agad air a' Ghàidhlig. Dè thug a' Ghàidhlig dha do bheatha nach robh agad na do bheatha roimhe seo?
A: 'S urrainn dhomh a' cheist seo a fhreagairt ann an aon fhacal: dòchas. Mus do lorg mi a' Ghaidhlig, cha robh uidh sam bith agam cuspair ionnsachadh aig oilthigh neo rudan mar sin. Cha d'rinn mi foghlam àrd ìre idir ro làimh agus mar a thathar a ràdh sa Bheurla, 'S e siubhal a th' ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Tha mi air an t-slighe mar-tha agus chan eil a fhios agam fhathast c'àit am bi an ceann-uidhe. Ach, tha an siubhal le Gàidhlig a' còrdadh rium agus 's e sin an rud is cudromaiche nam bheachdsa.
I: Nis, tha mi a' dol dh'fhaighneachd dhut ceist gòrach, a' bheil sin ceart gu leòr?
A: Hmm, ok.
I: Tha amharas agam dè freagairt a bhios agad. A' bheil thu an dùil gum bi thu a' bruidhinn Gàidhlg ma bhios tu beò agus slàn ann an coig bliadhnaichean eile?
A: Tha mi an dòchas gum bi. Tha mi ag iarraidh ceum urramach a thogail ann an Sabhal Mòr. Agus, ma nì mi sin, tha mi cinnteach gum bi mi fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig ann an còig bliadhna. Ach, chan eil e saor idir bho dhaoine à Sasann Gàidhlig ionnsachadh ach co-dhiù, chì sinn. Tha mi gu math cinnteach gum bi mi fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig ann an còig bliadhna.
I: Bha mi ag iarraidh faighneachd dhut, mar dhaoine a tha a' fuireach ann an Dover, dè idir am feum a tha sa Ghàidhlig anns an latha an-diugh? Bidh daoine a' cantainn daonnan "Och, mion-chànain. Dè feum a th' ann an rudeigin mar sin?" Dè chanadh tu riutha?
A: Nam bheachdsa, 's e ceangal a th' ann an Gàidhlig eadar eachdraidh agus cultar na h-Alba agus dùthaich na h-Alba fhèin. Agus tron mheadhan na Gàidhlig, 's urrainn dhomh no 's urrainn don a h-uile duine a tuigsinn gu ceart. An dùthaich fhèin an seo. Tha sin uabhasach cudromach nam bheachsa.
I: Dè bhios na caraidean agad a' smaoineachadh mu do dheidhinn, 's dòcha duine shios ag an dachaidh nach eil a' cleachdadh na Gàidhlig? A' bheil iad a' smaoineachadh gu bheil thu beagan craicte?
A: Tha. Tha sin ceart. Ach ann an Sasann, far a' bheil mi a' fuireach, chan eil mòran daoine a' tuigsinn nan adhbharan agam ach tha iad a' smaoineachadh gur e rud inntinneach agus rud math a th' ann. Ach ann an Alba, 's e sgeul diofaraichte a th' ann. Anns an t-saoghal a-muigh às a' Ghàidhealtachd, tha mi air caraid no dhà a chall air sgàth ‘s gun robh iad gu math anti-Gaelic gu mì-fhortanach agus tha e duilich dha-rìribh. Lorg mi gu bheil a h-uile duine anns an t-saoghal measail air a' Ghàidhlig. Chan eil ach cuid de na h-Albannaich nach eil. Agus, tha sin brònach.
I: Tha sin air a bhith aithnichte airson ùine mhòr gu bheil daoine ann a tha faisg, mar gum b' eadh, air a' Ghàidhlig ann an dòigh ach a tha a' faireachdainn nàire mhòr a tha ga putadh air falbh fada bhuapa.
A: Tha sin nèonach. Co-dhiù…
I: Cha bhi thu fhèin a' tuigsinn sin idir.
A: Cha bhi.
I: Cha bhi. Agus can an-dràsta nam robh thu a' smaoineachadh air comhairle do dh'oileanach a bha a' strí ris a' Gàidhlig agus 's dòcha aig an robh beagan de dhùbhlan agus thuirt thusa na bu tràithe nach eil thu a' smaoineachadh gu bheil thusa uabhasach acadaimigeach. Nam biodh cuideachadh eile ann, tha thu a' faireachdainn coltach ris sin, ciamar a mhisnicheadh tu iad?
A: Gun teagamh sam bith, cùmaibh oirbh. Bidh mòran làithean ann far nach bi thu airson obair leis a' Ghàidhlig, agus an àite, dèan rudeigin furasta, mar eisimpleir, èisteachd ri podcast Beag air Bheag, coimhead air BBC Alba, rudeigin mar Speaking Our Language no Fonn, Fonn, Fonn no dìreach èisteachd ri ceòl Gàidhlig, rud mar sin, thoir Gàidhlig nad bheatha a h-uile latha fiú 's nach dèan thu obair glè acadaimigeach.
I: Agus an-dràsta, tha thusa air ceuman mòra a ghabhail na do Ghàidhlig. Dè tha thu a' cur romhad a dhèanadh fhathast airson do Ghàidhlig a neartachadh agus 's dòcha, a leasachadh barrachd agus barrachd? Bheil thu fhathast mar gum b' eadh, a' obrachadh a-mach na do cheann, dòighean air am fàs thu nas fhearr agus nas eòlaiche?
A: Co-dhiù, an-dràsta tha mi ann an Glaschu dìreach airson mo chuid Ghàidhlig a thogail agus bidh cothroman ann an seo ann an Glaschu agus chan eil mi airson a dhol a dh'oilthigh an-dràsta. 'S fhearr leam a bhith Gàidhlig a cleachdadh (a' cleachdadh Gàidhlig) anns an rathad, anns an t-stràid. Co-dhiù, 's e sin ciamar a tha mi a' faireachdainn no a' feuchainn (ri) mo chuid Gàidhlig a thogail.
I: Agus a' bheil mise ceart a bhith a' tuigsinn gu bheil thu air beagan sheachdainean a ghabhail a-mach às an obair agad airson tighinn a Ghaschu airson do Ghàidhlig a leasachadh agus ma tha mi ceart, dè na rudan a tha thu air a bhith a' dèanamh?
A: Tha sin ceart gu leòr. Agus an seo, bidh mi a' dol a gach tachartas ann, ann an Gàidhlig, mar eisimpleir, An Gealbhan còmhla ri Àdhamh Ó Broin, tachartas ri Gaels Le Chèile anns An Lòchran, clas le Joy Dunlop. Bidh mi a' dol dha na chuirmean-ciùil ann an taigh-seinnse Lios Mòr agus rudan mar sin. A-màireach, bidh cearcall-comhraidh anns An Lòchran. Co-dhiù, gach cothrom, tha mi a' gabhail gach cothrom a' Gàidhlig a chleachdadh.
I: Tha thu nad eisimpleir do dhaoine a tha ag ionnsachadh a' chànain. Chan urrainn dhomh an còrr a ràdh, dìreach tha thu nad eisimpleir agus sònraichte (? 22:51)
A: Tapadh leat.
I: Nise, bha rud eile a' cur orm nuair a choinnich mise riut an toiseach. Saoilidh mise gun robh dòigh siubhail agad a bha beagan eadar-dhealaichte bhon a bhith a' dol air rothair- (chan eil fìos agam - ‘s dòcha doigh eile a ràdh motarbaidhg?) (?) no motorcycle mar a chanadh sinne anns Na Hearadh nuair a bha mi beag le dual (hair). Nach robh siubhal le carbad eadar-dhealaichte?
A: Co-dhiù, tha mi a' fuireach nam Airstream. 'S e carabhan Aimeireaganach a th' ann, carabhan airgead agus co-dhiù, 's e an taigh agam agus leis an Airstream, faodaidh mi a bhith ann an Glaschu no an Lunnainn no anns Na Hearadh no àitichean sam bith.
I: Àitichean nas àlainne air an t-saoghal.
A: Gu dearbh.
I: Agus 's e carabhan classic a tha sin. Tha loidhneachan brèagha agus tha i ainmeil air feadh an t-saoghal.
A: Tha sin ceart. Tha i ainmeil agus brèagha, gu dearbh agus glè shnog a-staigh cuideachd.
I: Na broinn, math dha-rìribh. Nise, chuala mi fathann beag cuideachd gum bi thu trang a' sgrìobhadh no mar a chanas sinne anns Na Hearadh, gum bi thu a' blogadhadh.
A: A' blogadhadh. Tha mi a' blogadhadh, tha sin ceart.
I: Dè an t-ainm a th' air a' bhloga agad?
A: 'S e "Confessions of Gaelic Learner" an t-ainm a th' air a' bhloga agam agus 's e am bloga a tha sin mu dheidhinn nan trioblaidean agus nan dùbhlan a th' agam mar neach-ionnsachadh Gàidhlig agus misneachd a thoirt do luchd-ionnsachaidh eile agus 's dòcha sgeul a thoirt do luchd-labhairt de Gàidhlig mu dheidhinn agus an tuigsinn a thogail eadar luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig. 'S e sin an t-adhbhar a sgrìobh mi am bloga sin.
I: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin cudromach chionn 's tha mise a' faireachdainn gur urrainn a bhith ag ionnsachadh bho chèile. Gu cinnteach. Gur urrainn do dhaoine a bha a' bruidhinn Gàidhlig bho thùs, tòrr ionnsachadh mu dheidhinn structar agus gràmar is eile, (?) luchd-ionnsachaidh, agus luchd-ionnsachaidh, gheibh iad blas agus briathrachas bho dhaoine a bha nan tùsanaich.
A: Tha sin ceart. 'S e an t-adhbhar a tha mi a' sgrìobhadh.
I: Well Anndra, feumaidh mise a ràdh, tha ar còmhradh a' còrdadh riumsa fìor fìor fìor mhath an-diugh.
A: Agus mise Ian.
I: Am faod mi faighneachd, dìreach mus dealaich sinn, a' bheil pìos ciùil anns an dealachadh agat dhùinn?
A: An treas pìos ciùil a thagh mi, Sin ‘Path to Home’ le Skerryvore, à Tioriodh. Tha an ceòl 'Trad Rock' a' còrdadh rium gu mòr agus 's e Skerryvore an còmhlan as feàrr leam. 'S toigh leam a bhith ag èisteachd ris an oran seo nuair a bhios mi a' draidhbheadh do dh'Alba air an rathad do na h-eileanan. 'S e pìos ciùil aotrom agus sunndach a th' ann agus tha mise a' faireachdainn gu math sunndach mì fhìn nuair a bhios mi a' cluinntinn an oran seo.
I: Well Anndra, tha mise an dòchas gach àite dham bi thu a' siubhal, gum bi thu a' siubhal gu sàbhailte gu sona agus mo mhòr-thaing dhut an-diugh airson tighinn a-steach còmhla rinn.
A: 'S e do bheatha. Mòran taing dhutsa.